top of page

Sreath bheag nam meadhanan sòisealta: Air an latha seo

Updated: Sep 12, 2023

Tha sinn air leth toilichte an ceathramh sreath bheag oifigeil a thòiseachadh air na cunntasan meadhanan sòisealta againn: Air an Latha Seo!

Nuair a thadhail iad air an Broadway ann an 2005, lorg buidheann air a stiùireadh le Scottish Cinemas tasglann mòr de sgrìobhainnean, litrichean agus cuimhneachain taigh-dhealbh a thug sealladh tearc is iongantach air Taigh-dhealbh Broadway san àm a dh’ fhalbh. Tha an sreath bheag de Litrichean chun a’ Mhanaidsear a tha a’ sgaoileadh gach Diciadain an-dràsta a’ taisbeanadh prìomh thachartasan a’ chruinneachaidh seo, a tha a-nis ann an làmhan sàbhailte Tasglann Ìomhaighean Gluasadach Leabharlann Nàiseanta na h-Alba aig Talla Kelvin ann an Glaschu.


Tha cuid de na prìomh phàirtean den phìos iongantach seo de dh’eachdraidh taigh-dhealbh a’ toirt a-steach clàran mòra de phrògraman, a’ taisbeanadh na clàran film airson làn sheachdainean agus mìosan na bliadhna, agus aithisgean teachd-a-steach is caiteachais a bharrachd air a bhith a’ nochdadh mion-fhiosrachadh inntinneach mu ruith an taigh-dhealbh, cuideachd liosta de na filmichean a chaidh a thaisbeanadh an t-seachdain sin. Bho na clàran seo chaidh againn air liosta iongantach a chuir ri chèile de phrìomh fhilmichean na linne, fìor chlasaichean agus mòran dhiubh fhathast air leth ainmeil agus air an deagh chuimhne chun an latha an-diugh!

Bidh an t-sreath seo a’ tilgeil solas air na clasaichean sin, le gach post a’ taisbeanadh film a chaidh a shealltainn air an dearbh cheann-latha air an Broadway fhèin, a’ toirt a-steach a’ bhliadhna a chaidh a shealltainn agus geàrr-iomradh air an fhilm sin! Tha an ùine a chaidh na filmichean a shealltainn eadar 1955 agus 1965, le cuid de thaisbeanaidhean pàillean sònraichte air an toirt a-steach!


Mar sin thig còmhla rinn air turas air ais gu Broadway san àm a dh’ fhalbh agus innis dhuinn - a bheil thu air am film fhaicinn? An do chòrd e ribh? Am bu mhath leat fhaicinn a-rithist air Broadway san àm ri teachd?

0 views0 comments

Commentaires


bottom of page