top of page

Cruinneachaidhean Dualchais a’ Gluasad gu Regency

Tha dachaigh ùr aig na cruinneachaidhean dualchais againn!

Taing mhòr a’ dol a-mach don luchd-urrais agus ar caraidean aig Regency Facilities Management a tha air na goireasan stòraidh iongantach aca aig Port-adhair Prestwick Ghlaschu a thabhann don phròiseact againn san àm ri teachd! Bidh na cruinneachaidhean againn mar thaisbeanaidhean aig Taigh-tasgaidh Taighean-dhealbh na h-Alba anns na bliadhnaichean ri teachd, agus nar dachaigh ùr ann an Regency tha àite sàbhailte againn airson na stuthan againn a stòradh, a sgrùdadh agus a ghleidheadh fhad ‘s a tha ath-nuadhachadh Broadway a’ gabhail àite.


Tha sinn cho taingeil airson taic Regency, agus chan urrainn dhuinn feitheamh gus an latha a thilleas na cruinneachaidhean leudaichte againn chun Broadway, glèidhte airson ginealaichean ri teachd!

1 view0 comments

Recent Posts

See All

Comments


bottom of page